William James Edmonston-Scott

B’ e cànanaiche agus eitn-eòlaiche a bh’ ann an William James Edmonston-Scott (22 An t-Samhain 1885, Dùn Èideann – 1954, Toronto). Bha ùidh aige ann an cànan nam Basgach agus ann an litreachas agus cultar nan Gàidheal. Ann an 1920, fhuair e PhD ait SOAS, Oilthigh Lunnainn, leis an tràchdas The Laws of Sound Governing the Santal, Basque and Zulu Languages. Anns na 1920an, bha na sgrìobhaidhean aige a’ nochdadh ann an An Deò-Ghréine.

Chaidh e a Chanada agus aig àm an dàrna cogaidh, bha e ag obair aig a’ buidheann-stiùiridh ceansarachd ann an Ottawa. Bha e ’n sàs anns an iris Celtic Forum: A Journal of Celtic Opinion (1934-35, Toronto).

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘The German Basques of Britain’ [aiste, Beurla], Leabhar VII, Àireamh 2 (An t-Earrach 1910)

The Scottish Review

  •  ‘The Traditional Genesis of the Fenian Saga’ [aiste, Beurla], Àireamh 78, Leabhar 38 (An Samhradh 1915) & Àireamh 79, Leabhar 38 (Am Foghar 1915)