B’ e ailtire a bh’ ann am Victor H. Panton (22 An t-Òg-mhios 1887 Riverton, Southland, Sealann Nuadh – 8 An Dùbhlachd 1946, Timaru, Sealann Nuadh). Anns an artaigil mu choinneamh Comunn Gàidhlig Shealainn Nuaidh (Evening Star, 3 Am Màrt 1910), tha iomradh air Victor Panton a dh’ionnsaich Gàidhlig gu fileanta, agus fhuair e ballrachd urramach a’ chomainn.
Sgrìobhaidhean anns na h-irisean
- ‘Beagan Smuaintean air Albainn’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XVI, Àireamh 3 (Foghar 1919)
Stòrasan
- ‘Gaelic Society,’ Evening Star, Àireamh 14306 (3 Am Màrt 1910); ri fhaighinn air Papers Past
- ‘Victor Howard Panton,’ Find a Grave