
B’ e bàrd, eadar-theangadair, agus sgrìobhadair a bh’ ann an Ùisdean Laing, ‘Ùistean Dhòmhnaill Iain mhic Anndra’ (11 An Dàmhair 1889, Staoinebrig, Uibhist a Deas – 22 An t-Sultain 1974, Peairt, Astràilia). Rinn e ceum aig Oilthigh Ghlaschu. Ann an 1913, dh’imrich e a dh’Astràilia, far an d’fhuair e obair mar thidsear agus neach-sgrùdaidh sgoiltean.
Nochd an obair aige ann an Gairm. Ann an 1965, choisinn e Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd anns an Leargaidh Ghallta leis an dàn ‘Am Fiabhras nach Fhaigh Bàs’.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- Lord Byron: ‘Loch nan Garr’ [bàrdachd, Gàidhlig; eadar-theangachadh bho Bheurla], Leabhar XI, Àireamh 4 (An Geamhradh 1914)
- ‘“Màiri Bhàn Òg” as a Love Song’ [aiste, Beurla], Leabhar XII, Àireamh 3 (Am Foghar 1915)
- ‘Pagan and Ossianic tendencies in John MacCodrum’s Poetry’ [aiste, Beurla], Leabhar XIII, Àireamh 3 (Am Foghar 1916)
- Ludwig Uhland: ‘Na Trì Òrain’ [bàrdachd, Gàidhlig; eadar-theangachadh bho Ghearmailtis], Leabhar I (1917)
- Christina Rossetti: ‘Òran’ [bàrdachd, Gàidhlig; eadar-theangachadh bho Bheurla], Leabhar I (1917)
- Christopher Marlowe: ‘An Uair Dheireannach aig Faustus’ [bàrdachd, Gàidhlig; eadar-theangachadh bho Bheurla], Leabhar I (1917)
- ‘Last of the Old Dominies’ [rosg, Beurla], Àireamh 90, Leabhar 41 (An Samhradh 1918)
- ‘The Auld Hoose’ [rosg, Beurla], Àireamh 91, Leabhar 41 (Am Foghar 1918)
Stòrasan
- M. Medcalf, ‘Laing, Hugh Boyd (1889–1974),’ Australian Dictionary of Biography (2000)
- An Sealgair Naomh agus Dàin Eile: Saor-eadar-theangaichte le Ùisdean Laing [co-chruinneachadh de bhàrdachd, eadar-theangachaidhean gu Gàidhlig, leithid W. B. Yeats, John Donne, agus G. M. Hopkins] (1974)
- Ùisdean Laing, Gu Tìr mo Luaidh (Dàin Eilthireach, Sgeulachdan agus Eachdraidh), eadar-theangachaidhean agus dàin ann an Gàidhlig agus Beurla; ro-ràdh le Ruaraidh MacThòmais (Steòrnabhagh: Paipear-Naigheachd Steòrnabhaigh, 1964)
- Raghnall MacilleDhuibh, ‘The Bunbury incident,’ The Quern-Dust Calendar 281, West Highland Free Press (23 An Cèitean 1997)
- Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil (deas.), 100 Bliadhna de Bhàird a’ Chomuinn Ghàidhealaich 1923 – 2023 (CLÀR, 2023); tha ‘Am Fiabhras nach Fhaigh Bàs’ ri fhaighinn anns an duanaire
- Fiosrachadh mu Ùisdean Laing ann an Gairm Air-loidhne