Rugadh Teàrlach Loch (1887–1960) ann an Lunnainn, ach b’ ann à Alba a bha an teaghlach bho thùs. Dh’ionnsaich e Gàidhlig agus bha e ’n sàs ann an iomairtean a bha a’ brosnachadh a’ chànain mar sgrìobhadair agus facladair, fiù ’s nuair a bha e a’ fuireach ann an Astràilia. Bha Ruaraidh Arascain agus Teàrlach Loch dlùth mar charaidean.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Òran Dùthasach na h-Albann’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 41 (14 An t-Samhain 1908)
- ‘Comunn nan Gàidheal, Caisteal-Nodha, N. S. W.’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 23 (An Cèitean 1921)
Stòrasan
- Anja Gunderloch, ‘The Quest for Gaelic: Charles Loch, Learner and Lexicographer,’ Charles Loch, Transactions of the Gaelic Society of Inverness LXII (2000-2002): 110-155.