T. D. MacDhòmhnaill

Dealbh-camara a nochd anns ‘An Deò-Grèine’ (Leabhar III, Àireamh 3, 1907), d. 46

B’ e bàrd agus sgrìobhadair a bh’ ann an  T. D. MacDhòmhnaill (1864, Galson, Barbhas, Leòdhas – 1937). Rugadh e ann an Leòdhas ach thogadh e ann an Gleann Eilg far an do dh’ionnsaich e Gàidhlig.

Bha e ’n sàs ann an iomairtean Gàidhlig ann an Lunnainn agus ann am Bristol. Nuair a bha e a’ fuireach ann an Ottawa, chuir e air dòigh Caledonian Society agus dh’easaich e an iris The Fiery Cross.

Dh’fhoillsich e leabhraichean leithid Celtic Dialects (1903) agus Gaelic Proverbs and Proverbial Sayings (1926). Ged nach robh e fhèin san arm, rinn e iomadh dàn a tha a’ dèiligeadh ris a’ Chiad Chogadh. Nochd cuid dhiubh anns an duanaire Dàin agus Dealbhan-fhacail an Àm a’ Chogaidh (1918).

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘An Comunn Gaidhealach’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XII, Àireamh 4 (An Geamhradh 1915) – Leabhar XIII, Àireamh 3 (Am Foghar 1916)
  • ‘Na Meòir aig a’ Chomunn Gaidhealach’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XIII, Issue 4 (An Geamhradh 1916)
  • ‘Saorsa’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XIV, Issue 4 (An Geamhradh 1917)
  • ‘Leasain a’ Chogaidh’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XV, Àireamh 1 (An t-Earrach 1918)

The Scottish Review

  • ‘The Highlands: Considered in Relation to the Economy of Small-Holdings’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar 39, Àireamh 83 (Am Foghar 1916)

An Ròsarnach

  • ‘Beachdan am Measg nam Blathan’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar I (1917)

Alba II

  • ‘A’ Ghàidhealtachd agus Bàtaichean-smùide’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 5 (31 Am Faoilleach 1920)
  • ‘Tuathanachash an Earraich’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 8 (21 An Gearran 1920)
  • ‘An Dèidh a’ Chogaidh’ [bàrdachd, Gàidhlig], Àireamh 9 (29 An Gearran 1920)

Stòrasan