B’ e neach-ealain, dealbhadair, agus ailtire a bh’ ann an Stiùbhard MacGilleMhìcheil (Stewart Carmichael, 8 An Gearran 1867, Dùn Dè – 1950). Bha ceanglaichean làidir aige ris an Ath-bheòthachadh Ceilteach agus John Duncan. Fhuair e oideachadh anns a’ Bheilg agus bha ùidh aige ann an eachdraidh na h-Alba agus cuspairean poilitigeach.
Obair-ealain anns na h-Irisean
An Ròsarnach, Leabhar II (1918)
- ‘Buaidh!’, ceann-dealbh
- ‘Eideard Brus, Àrd-Rìgh nan Èireannach’, aiste le Eachann MacDhùghaill
- ‘An Sean Mhaighstir-Sgoil’, rosg le Dòmhnall Mac-a-Phì
- ‘Cead Deireannach nam Beann’, òran le Dòmhnall MacRath
An Ròsarnach, Leabhar III (1921)
- ‘Mac-Bheatha’, aiste le Eachann MacDhùghaill
- “Tùr-nan-Tannasg”, aiste le Lachlann MacBheathain
An Ròsarnach, Leabhar IV (1930)
- ‘Ceann-dealbh’ [ ‘’S I Ghàidhlig a Thug Buaidh, ’s Cha Tèid a Glòir air Chall’], aiste le Dòmhnall Mac na Ceàrdaich
- ‘Virgil’, aiste le Niall Ros
- “Air Falbh a Bha Mi mar a’ Ghaoth”, sgeulachd le Eachann MacDhùghaill
Stòrasan
- ‘Stewart Carmichael,” UK Art
- Matthew Jarron, Stewart Carmichael: Celtic Visions (Oilthigh Dhùn Dè, 2017)
- Matthew Jarron, Independent & Individualist: Art in Dundee 1867-1924 (Oilthigh Dhùn Dè, 2015)
- Petra Johana Poncarová, ‘The Visual Dimension of Ruaraidh Erskine’s Scottish Magazines,’ Journal of the Scottish Society for Art History 30 (2025-2026), 35-42. (tionndadh ‘pre-print’ ri fhaighinn ann an inntrigeadh fosgailte)