
B’ e bàrd, neach-deasachaidh, agus tidsear a bh’ ann an Seumas MacThòmais (1888, Tunga, Leòdhas – 1971). B’ esan a’ chiad duine a choisinn Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd (Inbhir Nis, 1923), leis an dàn ‘Buaidh an Laoich’. Chaidh a bhàrdachd fhoillseachadh anns a’ cho-chruinneachadh Fasgnadh (Gairm, 1953). Bha e ’n sàs gu mòr ann an iomairtean Gàidhlig agus anns a’ Chomunn Ghàidhealach. B’ esan athair Ruaraidh MhicThòmais (1921–2012).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Neo-Bhàsmhorachd’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XV, Àireamh 2 (An Samhradh 1918)
- ‘Am Fograch’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XIX, Àireamh II (An t-Earrach 1924)
- ‘Freiceadain Dhìleas’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XX, Àireamh 1 (An Geamhradh 1924)
- ‘An Dealan-Dè’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar II (1918)