Rugadh Seumas MacGilleMhaoil (ro 1882 – as dèidh 1921) ann an Achadh Osnaich, Àird nam Murchan. Nuair a chaidh na dàin aige fhoillseachadh ann an Guth na Bliadhna agus Alba, bha e a’ sgrìobhadh à ‘Sydney, Astràilia.’ A bharrachd air Sydney, bha e a’ fuireach, thairis air ùine, ann an Kanowna, Melbourne, agus Victoria.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ’Sa Choill fo Sgios’ [bàrdachd, Gàidhlig], Volume XVIII, Àireamh 4 (An Geamhradh 1921); nochd an dàn anns an t-sreath ‘Deagh Litreachas’
- ‘Marbhrann: Air Neach a Chaidh a Bhàthadh anns a’ Bhliadhna 1917’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XIX, Àireamh 2 (Earrach 1924)
- ‘Bàs Màthar’ [bàrdachd, Gàidhlig], Àireamh 22 (11 An Dùbhlachd 1920)
- ‘Gàirdeachas ri “Alba”’ [bàrdachd, Gàidhlig], Àireamh 30 (An Dùbhlachd 1921)