Seumas MacDhonnchaidh

Nochd aon dàn le Seumas MacDhonnchaidh (gun deitichean dearbhte) ann an Alba agus dàn eile Guth na Bliadhna, faisg air a’ chèile. A rèir an nòta ann an Alba, chaidh an dàn a sgrìobhadh ann an 1919, agus bha MacDhonnchaidh a’ fuireach ann an Ceann Locha, Muile. Tha an dàn bho Ghuth na Bliadhna a’ toirt iomradh air Canada agus Muile.

Tha an t-òran ‘Muile nan Craobh’ le Iain Caimbeul (Teònaidh Chailein) a’ toirt iomradh air Seumas MacDhonnchaidh, bàrd a Àird, Ceann Loch Sgrìodain, Muile, agus tha an t-òran ‘Bodach còir Ghleann Siolastair’ le ‘James Robertson’ ri fhaighinn air Tobar an Dualchais. Fhuair mi an aisneis seo bhon Dr. Alasdair C. MacIlleBhàin.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • Seumas MacRoibeirt: ‘Mo Ghaol air a’ Mharachd’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XVI, Àireamh 3 (Am Foghar 1919)

Alba II

  • Seumas MacDhonnchaidh: ‘Laoidh’ [bàrdachd, Gàidhlig], Àireamh 2 (10 Am Faoilleach 1920)

Stòrasan

  • Ailean Boyd, ‘A’ bhàrdachd beò ann am Muile,’ Gairm 134 (An t-Earrach 1986)