‘Seocan’

Nochd litir agus artaigil leis an sgrìobhadair air an robh an t-ainm-pinn ‘Seocan’ ann an Guth na Bliadhna. Tha an t-artaigil a’ dèiligeadh ri litreachas agus cànan anns a’ Chuimrigh. A rèir na litir, bha ‘Seocan’ stèidhichte anns an Eilean Sgitheanach.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘Seocan, An t-Eilean Sgitheanach’: ‘Literature and the War’ [litir, Beurla], Leabhar XI, Àireamh 4 (An Geamhradh 1914)
  • ‘Seocan’: ‘Freamh an Uilc’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XIV, Àireamh 4 (An Geamhradh 1917)