Pádraig Ua Duinnín

B’ e sagart, ùghdar, agus facladair à Èireann a bh’ ann am Pádraig Ua Duinnín (1860–1934). Chuir e ri chèile faclair Gàidhlig na-Èireann – Beurla (1904, 1927), aon de faclairean as cudromaiche anns an fhicheadamh linn. Bha e ’n sàs ann an Comann Litreachas Gàidhlig na h-Èireann, agus dheasaich e bàrdachd agus sgrìobhaidhean eachdraidh, agus bha e ri obair eadar-theangachaidh.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘Eire agus Alba’ [aiste, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar II, Àireamh 3 (1905)
  • ‘Saothrughadh na Teangan’ [aiste, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar VIII, Àireamh 4 (1911)
  • ‘Breacadh Lae an Chreidimh ar Eirinn’ [aiste, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar IX, Àireamh 4 (1912)

Stòrasan

  • Eoin Mac Cárthaigh, “Dinneen, Patrick Stephen,” Dictionary of Irish Biography (2009)
  • Philip O’Leary, The Prose Literature of the Gaelic Revival, 1881–1921: Ideology and Innovation (Penn State Press, 1994)