B’ e neach-teagaisg, sgrìobhadair, agus iomairtiche poilitigeach à Èireann a bh’ ann am Pádraig Mac Piarais (1879–1916). Ghabh e pàirt ann an Èirigh na Càisge (1916) mar aon de na cinn-feadhna. Mar a mhìnich Patrick Witt agus Gerard Cairns, tha coltas ann gun do thachair Ruaraidh Arascain ri Mac Piarais anns a’ Chuimrigh ann an 1899, aig Còmhdhail uile-Cheilteach an Cardiff. Bha Mac Piarais ’n sàs ann an Conradh na Gaeilge, cuideachd mar neach-deasachaidh den iris An Claidheamh Soluis. Dh’fhoillsich e aiste ‘“Education” in the West of Ireland’ ann an Guth na Bliadhna a bhrosnaich beachdan aig Ruaraidh Arascain fhèin air Gàidhlig ann am foghlam na h-Alba.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘“Education” in the West of Ireland,’ Leabhar II, Àireamh 4 (Foghar 1905)
Stòrasan
- Gerard Cairns, No Language! No Nation! The Life and Times of the Honourable Ruaraidh Erskine of Marr (Peairt: Rymour Books, 2021)
- Gerard Cairns, “Principles and Curses: The Honourable Ruaraidh Erskine of Mar and Some Irish Connections,” Litteraria Pragensia 33:65 (2023)
- Patrick Witt, “Connections across the North Channel: Ruaraidh Erskine and Irish Influence in Scottish Discontent, 1906-1920,” The Irish Story