Pàdraig E. MacFhinn

B’ e sagart, ollamh, agus sgrìobhadair a bh’ ann am Pàdraig E. MacFhinn (8 Am Màrt 1895, Lios Maine, Èireann – 1987). Airson 30 bliadhna, bha e a’ deasachadh Ar Aghaigh (mìosachan), agus bha na sgrìobhaidhean aige a’ nochdadh gu tric anns An Claidheamh Soluis agus irisean Èireannach eile. Fhuair e PhD anns an Ròimh agus rinn e rannsachadh air mairtirich Èireannach ann an tasglannan Bhatican. Bha e a’ toirt seachad òraidean aig Oilthigh na Gaillimhe agus bha e ’n sàs ann an cultar, foghlam, agus litreachas na h-Èireann ann an iomadh dòigh.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘Seann-Litreachas: Lamh an Ghaedhil i Leabhragan an Vatican’ [aiste, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar XVIII, Àireamh 4 (An Geamhradh 1921)
  • ‘Lamh an Ghaedhil i Leabhragan an Vatican II: An Bailiu Palaitineach’ [aiste, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar XIX, Àireamh I (An Geamhradh 1923)
  • ‘Lamh an Ghaedhil i Leabhragan an Vatican III: Pal. Lat. 235’ [aiste, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar XIX, Àireamh II (An t-Earrach 1924)

An Ròsarnach

  • ‘Èire agus Alba i Measg Paipear Stàite na Roimhe’ [aiste, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar III (1921)

Stòrasan