Bha Olive Maud Squair (1902 – 12 Am Màrt 1992, An t-Òban) ’na sgrìobhadair agus neach-naidheachd Albannach. Bha i a’ cumail taic ri neo-eisimealachd na h-Alba. Dh’fhoillsich i Scotland in Europe (1976), le ro-ràdh a sgrìobh C. M. Grieve (Ùisdean MacDhiarmaid), agus A Tale to Tell (1970). Bha i fhìn agus Grieve ann an conaltrachd tro cho-sgrìobhadh litrichean.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Vernacular Derivations’ [artaigil, Beurla], Leabhar I, Àiremh 8 (An t-Òg-mhios 1928)
Stòrasan
- ‘Olive M. Squair,’ Women and Silent British Cinema