Niall MacLeòid

Dealbh-camara a nochd ann am ‘Modern Gaelic Bards’, deas. Calum C. MacLeòid (Sruighlea: Eneas MacAoidh, 1908).

B’ e bàrd a bh’ ann an Niall MacLeòid (c. 1843, Poll Osgainn, Gleann Dail, An t-Eilean Sgitheanach – 1913), aithnichte mar ‘The Skye Bard.’ Bha athair Nèill, Dòmhnall MacLeòid (aitchnichte mar ‘Dhòmhnall nan Òran’ agus ‘The Glendale Bard’), ri bàrdachd cuideachd.

Dh’imrich Niall a Dhùn Èideann far an d’fhuair e obair mar neach-siubhail aig gnìomhachas-teatha còmhla ris a cho-ogha, agus chuir e seachad a’ mhòr-chuid dhe bheatha anns a’ bhaile. Nochd na h-òrain aige anns an duanaire Clàrsach an Doire (1883), agus bha an leabhar air leth soirbheachail. Bha Niall MacLeòid ’n sàs gu mòr ann an cultar Gàidhealach anns na bailtean mòra air a’ Ghalltachd.

Rinn Calum MacPhàrlain iomradh air obair Nèill ann am ‘Bàrdachd an Latha ’n Diugh III,’ Guth na Bliadhna (An t-Earrach 1909) agus sgrìobh Donnchadh MacIain iomradh-bàis dha, ‘Marabh-Rann do Niall MacLeòid’, Guth na Bliadhna (An t-Earrach 1914).

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Am Bàrd

  • ‘Fàilte do’n Bhàrd’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 1 (An Cèitean 1901)

Guth na Bliadhna

  • ‘Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 3 (An Samhradh 1905)

Alba I

  •  ‘Bidh Seumas Leam An Nochd’ [òran, Gàidhlig], Àireamh 14 (9 An Cèitean 1908)
  • ‘An Tìr bu Mhiann Leinn’ [song, GD], Àireamh 36 (10 An Dàmhair 1908)
  • ‘Màiri Bhaile-Chrò’ [song, GD], Àireamh 50 (16 Am Faoilleach 1909)
  • ‘An Tèid Thu Leam, A Rìghinn Òg’ [òran, Gàidhlig], Àireamh 51 (23 Am Faoilleach 1909)
  • ‘Tàladh na Bean Shìth’ [òran, Gàidhlig], Àireamh 52 (30 Am Faoilleach 1909)

Stòrasan