Murchadh MacIlleMhoire

Bha Murchadh MacIlleMhoire (12 Am Màrt 1884, Mullach an Tòil, Siadar, Barbhas, Leòdhas – 1965) a’ cleachdadh ainm-pinn ‘Fear Siubhal nan Gleann’ agus bha e aithnichte mar ‘Bhàrd Shiadair’. Chaidh e a Ghlaschu an toiseach agus ann an 1911 dh’imrich e do na Stàitean Aonaichte. Bha i ri bàrdachd agus rinn e eadar-theangachaidhean bho Bheurla agus Albais gu Gàidhlig (bàrdachd le Roibeart Burns agus Carolina Oliphant). Chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh anns a’ cho-chruinneachadh Fear Siubhal nan Gleann (Glaschu, 1923).

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Alba I

  • ‘Thug Mi Rùn’ [òran, Gàidhlig], Àireamh 39 (31 An Dàmhair 1908)

Stòrasan