Mòr Nic-an-t-Saoir

Chaidh aon sgeulachd airson na cloinne le Mòr Nic-an-t-Saoir, ‘Nuair a bha Gàidhlig aig na h-Eòin,’ fhoillseachadh anns An Sgeulaiche. Tha e glè choltach gur h-e Sarah NicPhàrlain (Nic an-t-Saoir, 1815–1894) a bh’ ann, màthair Chaluim MhicPhàrlain, oir bha ise aithnichte mar ‘Mór Nic-an-t-Saoir.’ Tha MacPhàrlain a’ toirt iomradh air a phàrantan anns an ‘Bàrdachd an Latha ’n Diugh: Earrann IV,’ Guth na Bliadhna, Leabhar VI, Àireamh 3 (An Samhradh 1909).

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

An Sgeulaiche

  • ‘Nuair a bha Gàidhlig aig na h-Eòin’ [sgeulachd, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 3 (An Samhain 1909)