Michel de Zogheb

B’ e sgrìobhadair agus neach iomraiteach sòisealta a bh’ ann am Michel de Zogheb (1886–1964). Bha e na cheann-suidhe urramach aig Les Amis des Églises et l’Art Coptes, stèidhichte ann an Cairo an 1934. Phòs e Gabrielle Dorziat, bana-chleasaiche às an Fhraing, agus bha e na charaid do Rìgh Fuad I na h-Èiphit.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

The Scottish Review

  • ‘To Mary, Queen of Scots’ [bàrdachd, Beurla], Àireamh 85, Leabhar 40 (An t-Earrach 1917)

Stòrasan

  • Luc Fraisse, ‘Stéréotypes Nationaux et Création Romanesque dans À la Recherche du Temps Perdu,’ Studia Romanica Posnaniensia XXX (2003), d. 199.
  • Robin Ostle, ‘The Cosmopolitan Alexandrian,’ Studying Modern Arabic Literature  (Clò Oilthigh Dhùn Èideann, 2015), d. 10.