Martin Hume

B’ e sgrìobhadair, neach-eachdraidh, deasaiche, agus neach-naidheachd a bh’ ann am Martin Andrew Sharp Hume (1847, Lunnainn – 1910, Lunnainn). Bha ceanglaichean dlùth aige ris an Spàinn, agus bha e a’ dèiligeadh ri cultar agus eachdraidh na Spàinn gu tric. Bha e na charaid do R. B. Cunninghame Graham, sgrìobhadair eile a bha ’n sàs anns na h-irisean aig Ruaraidh Arascain. Sgrìobh Ruaraidh Arascain lèirmheas air an leabhar le Hume, Through Portugal (1907), a nochd ann an Guth na Bliadhna (An t-Earrach 1907).

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘The Scottish Catholics and Spain’ [aiste, Beurla], Leabhar I, Àireamh 2 (An t-Earrach 1904)

Alba

  • Iomradh air an sgeulachd ‘Nighean Rìgh na Spàinnte’ [litir, Beurla], Àireamh 41 (14 An t-Samhain 1908)

Stòrasan