B’ e eòlaiche na Gàidhlig, eòlaiche-fiosaig, agus matamataigear a bh’ ann am Mànus MacGill-Eain (1858, Fàsach, An t-Eilean Sgitheanach – 1937). Bha e na chiad òraidiche Cheiltis aig Oilthigh Ghlaschu. Chaidh na h-òraidean aige fhoillseachadh ann an dà leabhar: The Literature of the Celts (1902) agus The Literature of the Highlands (1903; nochd lèirmheas air an leabhar ann an Guth na Bliadhna, An t-Earrach 1904).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Celtic Manuscripts’ [artaigil, Beurla], Leabhar I, Àireamh 1 (An Cèitean 1901)
Stòrasan
- T. M. Murchison, ‘Maclean, Dr Magnus,’ The Companion to Gaelic Scotland (Gairm, 1994)
- ‘Professor Magnus Maclean, 1901-1903,’ Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu (2019)