Màiri NicEalair

B’ e bàrd, sgrìobhadair, agus eadar-theangadair a bh’ ann am Màiri NicEalair (Camshron) (1 An Dàmhair 1834 – 7 An t-Sultain 1890). Ann an 1876, chaidh i ainmeachadh mar Bhàrd aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Nochd cuid de na h-aistean aice ann an Gnìomhan a’ Chomuinn. Chaidh an tionndadh Gàidhlig a rinn i bho dhàn le William Edmondstoune Aytoun, ‘The Execution of Montrose,’ fhoillseachadh anns An Sgeulaiche ann an 1910, nuair nach robh i beò tuilleadh.

Rinn Calum MacPhàrlain iomradh air obair NicEalair anns an aiste ‘Bàrdachd an Latha ’n Diugh V’, Guth na Bliadhna, Leabhar VI, Àireamh 4 (Am Foghar 1909).

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

An Sgeulaiche

  • [William Edmondstoune Aytoun]: ‘Bàs Mhont-Rois’ [eadar-theangachadh bho Bheurla gu Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 1 (An t-Earrach 1910)

Stòrasan