A-rèir nòta an deasaiche ann an Guth na Bliadhna, rugadh Mairghread NicFhionghainn (mu 1814 – às dèidh 1917) ann an Uibhist a Deas, dh’imrich i do na Stàitean Aonaichte ann an 1832, agus bha i 103 bliadhna a dh’aois ann an 1917. Bha an dàn a dh’fhoillsich i ann an Guth na Bliadhna ùr, air a dhèanamh mìos no dhà roimhe. Chleachd NicFhionghainn am fonn ‘O, Mo Mhàiri Laghach.’ Sgrìobh Uilleam Eanraig Ceannt dàn-molaidh goirid do NicFhionghain, ‘Do Bhan-Ùghdar “Imrich a’ Chait,”’ a nochd ann an Guth na Bliadhna, Leabhar XIV, Àireamh 2 (Samhradh 1917).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Imrich a’ Chait’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XIV, Àireamh 1 (An t-Earrach 1917)