Nochd trì pìosan leis an sgrìobhadair air an robh an t-ainm-pinn ‘Loch-Aic’ (gun deitichean dearbhte) anns Am Bàrd. Tha dà dhiubh ag ath-innse sgeulachdan à Eilean Mhanainn agus às a’ Chuimrigh, agus tha aon a’ dèiligeadh ri cunntadh nan caorach anns a’ Chuimris. Tha e coltach gun robh Cuimris agus Gàidhlig Mhanainn aig ‘Loch Aic,’ a bharrachd air Gàidhlig na h-Alba. Sgrìobh ‘Loch Aic’ litir air Gàidhlig agus na Gàidheil ann an Liverpool a nochd anns an Oban Times air 17 An t-Samhain 1900. Tha mi taingeil don Dr. Sheila M. Kidd airson an iomraidh seo.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Am “Buggane”’ [sgeulachd, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 2 (An t-Òg-mhios 1901)
- ‘Na Leth-Aonan Sìth’ [sgeulachd, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 2 (An t-Òg-mhios 1901)
- ‘Àireamh nan Caorach’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh V (An t-Samhain 1901)