
Bha Liam MacGillÌosa (23 An Dùbhlachd 1865, Lunnainn – 23 An t-Iuchar 1932) ’n sàs gu mòr ann an iomairtean culturail agus poilitigeach ann an Lunnainn, còmhla ri sgrìobhadairean eile aig an robh ceangal ris na h-irisean, mar eisimpleir Iain MacAoidh, Iain MacCoinnich, Louisa Elizabeth Farquharson, agus H. C. MacNeacail.
Bha e fhèin agus Ruaraidh Arascain a’ co-obrachadh gu dlùth: chuir iad air bhonn Scots National League (SNL). B’ e Liam MacGillÌosa a’ chiad neach-deasachadh Scots Independent, mìosachan aig SNL. Bha ùidh shònraichte aige ann an dràma na Gàidhlig agus sgrìobh e fhèin corra dhealbh-cluich, leithid An Dùsgadh (1905), Gealladh a’ Ghàidheil (1907), agus Ceithir Mallachdan nan Gàidheal (1907).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Cuairt ann an Gallobhadh’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XV, Àireamh 1 (An t-Earrach 1918)
- ‘Na Seana Ghàidheil agus na Gàidheil Nuadha’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XVI, Àireamh 1 (An t-Earrach 1919)
- ‘Comunn nan Gàidheal’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 4 (24 Am Faoilleach 1920)
- ‘Na Saighdearan aig Churchill’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 8 (21 An Gearran 1920)
- ‘Cùisean Gàidhealach’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 17 (10 An t-Iuchar 1920)
- ‘An t-Oireachtas’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 19 (11 An Sultain 1920)
- ‘Eire’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 24 (An t-Òg-mhios 1920)
- [athchuinge, Gàidhlig; soidhnidhean le: Dòmhnall MacAoidh, Ruaraidh Arascain is Mhàirr, Seumas M. Calder, Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, Aonghas Dòmhnallach, Liam MacGillÌosa, H. C. MacNeacail, Art de Pratt], Àireamh 89, Leabhar 41 (An t-Earrach 1918)
Stòrasan
- William Gillies, ‘Liam MacGill’Iosa: A Friend of the Gael,’ Transactions of the Gaelic Society of Inverness LVI (1990).