B’ e neach-naidheachd, sgrìobhadair, agus neach-deasachaidh a bh’ ann an Lachlann MacBheathain (6 An t-Samhain 1853, Cill Targhlain – 1931). Stiùirich e Còmhdhail Phan-Cheilteach ann an Dùn Èideann ann an 1921, agus dheasaich e an t-eòlaire The Celtic Who’s Who (Cill Targhlain: The Fifeshire Advertiser Ltd, 1921). B’ esan ceann-suidhe Acadamaidh Gàidhlig na h-Alba.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Seann Rìoghachd Fiobh: Ainmean nan Àitean’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XII, Àireamh 4 (Geamhradh 1915)
- ‘Gàidhlig Ghlan’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XIX, Issue I (Geamhradh 1923)
- ‘Dùghall Bochanan’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XIX, Issue II (Earrach 1924)
- ‘Buaidh na Gàidhlig air Beurla nan Gall’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar I (1917)
- ‘Litreachas Gall-Gàidhealach’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar II (1918)
- ‘An Saoghal Eile ann an Rìoghachd Fiob’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar III (1921), le dealbh le Stiùbhard MacGilleMhìcheil
- ‘Easbhuidh Nuadh: Eòl-Chuairt Gàidhlig’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar IV (1930)
- ‘The Regeneration of the Anglo-Saxon’ [aiste, Beurla], Àireamh 79, Leabhar 38 (Foghar 1915)