Kuno Meyer

Dealbh-camara gun urra. Tùs: WikiCommons (àrainn phoblach).

B’ e eòlaiche na Ceiltis a bh’ ann an Kuno Meyer (20 An Dùbhlachd 1858, Hamburg – 11 An Dàmhair 1919, Leipzig). Bha e a’ teagaisg, mar òraidiche agus mar àrd-ollamh, aig Oilthigh Liverpool airson 27 bliadhna. Eadar 1903–1906, bha e na òraidiche aig Oilthigh Ghlaschu. Dh’fhoillsich Am Bàrd (Àireamh 4) litir-bhrosnachaidh bho Kuno Meyer, agus tha coltach gun robh e fhèin agus Ruaraidh Arascain ann an conaltradh.

Chaidh earrannan bho na co-chruinneachaidhean de litreachas na seann Ghàidhlig na h-Èireann, leithid Ancient Irish Poetry, fhoillseachadh anns na h-irisean aig Ruaraidh Arascain.

Anns a’ chiad àireamh de Guth na Bliadhna (An Geamhradh 1904), nochd an aiste ‘‘Gaelic Literature and Professor Kuno Meyer’ le ‘Alasdair Beag’. Nuair a chaochail Meyer anns an Dàmhair 1919, sgrìobh Ruaraidh Arascain iomradh-bàis air, ‘Bàs Kuno Meyer,’ ann an Guth na Bliadhna (An Geamhradh 1919).

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Am Bàrd

  • [litir-brosnachaidh, Beurla], Leabhar I, Àireamh 4 (An Lùnastal 1901)

Ath-fhoillseachaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

An Sgeulaiche

  • ‘An Rìgh ’s an Dithreabhach’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 1 (An t-Earrach 1910), eadar-theangachadh le Kuno Meyer, Gàidhlig le C. M. P. [Calum MacPhàrlain]
  • ‘Liadain agus Cuirithir’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 2 (An Samhradh 1910), eadar-theangachadh le Kuno Meyer, Gàidhlig le C. M. P. [Calum MacPhàrlain]

Stòrasan