B’ e neach-lagha, feallsanaiche, neach-eachdraidh, agus eòlaiche beul-aithris a bh’ ann an John Stuart-Glennie (1841–1910). Chuir e mòran ri sòiseo-eòlas mar chuspair sònraichte. Bha e ’n sàs ann an iomairtean tràth aig Comann Sòiseo-eòlais ann an Lunnainn. B’ i ‘rèabhlaid mhoralta’ an tèoiridh a bu cudromaiche a thòisich e. Bha e ann an conaltradh ri Patrick Geddes.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘The Land and Language, Questions in the Highlands’ [aiste, Beurla], Leabhar I, Àireamh 3 (An t-Iuchar 1901)
Stòrasan
- Eugene Halton, ‘John Stuart-Glennie’s Lost Legacy,’ Forgotten Founders and Other Neglected Social Theorists, deas. Christopher T. Conner, Nicholas M. Baxter & David R. Dickens (Lexington Books, 2019)
- Litrichean eadar Patrick Geddes agus John Stuart-Glennie, Tasglann is Cruinneachaidhean Sònraichte, Oilthigh Shrath Chluaidh