James Myles Hogge

Bha James Myles Hogge (19 An Giblean 1873, Dùn Èideann – 27 An Dàmhair 1928) na neach-poilitigs Libearalach, ministear ann an Eaglais Shaor Aonaichte, agus neach-leasachaidh sòisealta. Bha e ’n sàs ann an Comann nan Albannach Òga (Young Scots Society), agus bha e a’ brosnachadh fèin-riaghladh na h-Alba agus na h-Èireann. Bha e na bhall-phàrlamaid Libearalach airson Dùn Èideann an Ear ann an 1912–24.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

The Scottish Review

  • ‘The Scottish Small Landholders Amending Bill’ [aiste, Beurla], Àireamh 74, Leabhar 37 (An Samhradh 1914)
  • ‘Wanted! A Royal Commission on Scottish Education’ [aiste, Beurla], Àireamh 76, Leabhar 37 (An Geamhradh 1914)
  • ‘A Business Note on the Scottish Home Rule’ [aiste, Beurla], Àireamh 77, Leabhar 38 (An t-Earrach 1915)
  • ‘The Paralysis of Scottish Land Reform’ [aiste, Beurla], Àireamh 79, Leabhar 38 (Foghar 1915)
  • ‘Scottish Affairs in the Westminster Parliament and Out’ [aiste, Beurla], Àireamh 83, Leabhar 39 (Foghar 1916)

Stòrasan