Isobell Marchbank

Bha Isobell Marchbank (29 An Dùbhlachd 1880, Newington, Dùn Èideann – 30 Am Màrt 1963, Portobello, Dùn Èideann) ri bàrdachd ann am Beurla agus Albais, gu tric fon ainm-pinn ‘Tamar Faed.’ B’ e ‘Hame’s Hame,’ an dàn aice, an aon dàn a-mhàin ann an Albais a nochd ann an Guth na Bliadhna. Rinn Robert McLeod fonn airson an dàin. Rinn Cyril Scott (1879–1970) fonn airson ‘Mermaid’s Song’ agus Herbert Matheson Goldstein (1883–1918) airson ‘Rich Love.’

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘Hame’s Hame’ [bàrdachd, Albais], Leabhar XIV, Àireamh 3 (Am Foghar 1917)

Stòrasan