
B’ e sgrìobhadair, neach-deasachaidh, agus tidsear a bh’ ann an Iain N. MacLeòid (1880, Cill Bhacstair, Tròndarnais, An t-Eilean Sgitheanach –1954). Rugadh agus thogadh e anns an Eilean Sgitheanach, ach bha e a’ fuireach agus ag obair ann an Leòdhas fad a bheatha.
Nuar a bha e san sgoil ann an Tròndarnais, bha Iain Mac an Aba, sgrìobhadair agus eòlaiche na Gàidhlig, na mhaighstir-sgoile. Thug e buaidh mhòr air MacLeòid mar sgrìobhadair agus mar thidsear. Bha Iain Mac an Aba ’n sàs anns na h-irisean aig Ruaraidh Arascain.
B’ e Rèiteach Mòraig (1911) le Iain N. MacLeòid a’ chiad dealbh-cluich sa Ghàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an clò mar leabhran air leth, ach roimhe seo, nochd e anns An Sgeulaiche (1910). Ann an 1916, dh’fhoillsich MacLeòid Pòsadh Mòraig.
Sgrìobhaidhean anns na h-irisean
- ‘Òrain Ghàidhlig’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar IV, Àireamh 1 (An Geamhradh 1907)
- ‘Bàrdachd Iain Ghobha’ [aiste, Gàidhlig], Volume IV, Àireamh 2 (An t-Earrach 1907)
- ‘Seann Sgeul – “Lunnainn A Rìs!”’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar IV, Àireamh 3 (An Samhradh 1907); nochd an sgeulachd a-rithist anns An Sgeulaiche
- ‘Seann Sgeul: Mar a Dh’àiticheadh Hiort’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar V, Àireamh 1 (An Geamhradh 1908)
- ‘Mac-Crùislig’ [rosg, Gàidhlig], Volume V, Àireamh 4 (Am Foghar 1908)
- ‘Dòmhnall nan Òran (Am Bàrd Sgiathanach)’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XIV, Àireamh 4 (An Geamhradh 1917) – Leabhar XV, Àireamh 1 (An t-Earrach 1918)
- ‘Òrain Ghàidhlig’ [I] [aiste, Gàidhlig], Leabhar XV, Àireamh 4 (An Geamhradh 1918) – Leabhar XVI, Àireamh 1 (An t-Earrach 1919)
- ‘Dòmhnall Gorm Dhuntuilm’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar 1, Àireamh I (An t-Sultain 1909)
- ‘Lunnainn A Rìs: Seann Sgeul airson na Cloinne’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 5 (Am Faoilleach 1910)
- ‘Coille Mhòr Stratharragaig’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 2 (An Samhradh 1910)
- ‘Ruidhle’: ‘Rèiteach Mòraig’ [dealbh-cluich, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 3 (Am Foghar 1910)
- ‘Uisge Shamhraidh’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 3 (Am Foghar 1910)
- ‘Mòid na Cloinne’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar III, Àireamh 1 (An t-Earrach 1911)
- ‘Dòmhnull Dòmhnullach, Bàrd Bharabhais’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 1 (8 An Gearran 1908)
- ‘Bàrd Leòdhasach: Alasdair M. MacNeacail, Lional, Leòdhas’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 4 (29 An Gearran 1908)
- ‘Suas leis a’ Ghàidhlig’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 5 (7 Am Màrt 1908), Àireamh 7 (21 Am Màrt 1908), Àireamh 12 (25 An Giblean 1908)
- ‘An Deise Ghàidhealach’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 10 (11 An Giblean 1908)
- ‘Murchadh Smith, Bàrd Liùrbost, Leòdhas’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 11 (18 An Giblean 1908)
- ‘Bàird agus Bàrdachd an Eilein Sgitheanaich’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 23 (11 An t-Iuchar 1908)
- ‘Feallsanachd nan Seana Ghàidheal’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 49 (9 Am Faoilleach 1909)
- ‘Uilleam Ros’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar II (1918)
- ‘“Muinntir a’ Bhaile Againn Fhèin”’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar IV (1930)
- ‘Ciod a Nì Mise Airson na Gàidhlig?’ [aiste, GD], Àireamh 1 (3 Am Faoilleach 1920)
- ‘Coinneamh Fheumail’ [aiste, GD], Àireamh 2 (10 Am Faoilleach 1920)
- ‘Gàidheil Ghlaschu’ [aiste, GD], Àireamh 3 (17 Am Faoilleach 1920)
Stòrasan
- Michelle NicLeòid, Dràma na Gàidhlig: Ceud Bliadhna air an Àrd-Ùrlar | A Century of Gaelic Drama (Glaschu: Association for Scottish Literature, 2021), Rèiteach Mòraig ann an Gàidhlig le eadar-theangachadh gu Beurla agus fiosrachadh mun dealbh-cluich
- ‘Feadhainn mun Cuala Sinn: Iain N. MacLeòid,’ Gairm 10 (1954)
- T. M. MacCalmain, ‘Iain N. MacLeòid (“Alasdair Mòr”),’ Gairm 11 (1955)