Rugadh agus thogadh Iain Màrtainn (1861, Camas Cros, An t-Eilean Sgitheanach – 29 Am Faoilleach 1931, Camas Cros) ann an Slèite, anns an Eilean Sgitheanach. Bha e na phoileas an Glaschu fad a bheatha, agus thill e dhan Eilean Sgitheanach nuair a leig e dheth an dreuchd. Ann an Glaschu, bha e ’n sàs ann an Comunn Sgitheanach Ghlaschu.
‘S ann bho Greg MacThòmais (Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig) a fhuair mi am fiosrachadh pearsanta mun bhàrd.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Cuairt do Liandail [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XVII, Àireamh 1 (An t-Earrach 1920)
- ‘Madainn Earraich’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XVII, Àireamh 2 (An Samhradh 1920)
- ‘Fàilte an t-Samhraidh’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XVII, Àireamh 3 (Am Foghar 1920)
Stòrasan
- Anne Loughran, ‘Traditional poets and songmakers: M,’ Gaelic Literature of the Isle of Skye: An Annotated Bibliography (Sabhal Mòr Ostaig, 2018)