B’ e sgrìobhadair, eadar-theangadair, eòlaiche na Gàidhlig, agus ministear ann an Eaglais na h-Alba a bh’ ann an Iain MacRuairidh (2 An Cèitean 1843, Tòrlum, Beinn na Faoghla – 1907). Aon de na sgrìobhadhairean Gàidhlig na bu drìpeile aig an àm, bha sgrìobhaidhean le MacRuairidh a’ nochdadh gu tric ann an irisean, leithid Mac-Talla, The Northern Chronicle, agus Na Duilleagan Gàidhlig (mar phàirt de Life and Work, iris Eaglais na h-Alba). Anns A’ Bhàrd, chleachd e ainm-pinn ‘Iain.’ Mar a dhearbhaich Calum Laing, bha MacRuairidh a’ cleachdadh fair-ainmean eile: ‘I. M. R.’, Bodachan a’ Gharaidh’, agus ‘F. O. S.’ Rinn e tionndaidhean Gàidhlig de Robinson Crusoe agus The Arabian Nights. Thug e seachad iomadh pàipear aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis agus nochd ian ann an Gnìomhan a’ Chomann.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Dòmhall Àrd’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 1 (An Cèitean 1901)
- ‘A’ Ghobhar Ghlas’ [sgeulachd, Gàidhlig; iomradh, Beurla], Leabhar I, Àireamh 2 (An t-Òg-mhios 1901)
- ‘Còmhradh eadar Eachann, Dòmhnall Gobha, agus Seumas’ [còmhradh, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 3 (An t-Iuchar 1901)
- ‘Còmhradh’ [còmhradh, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh IV (An Lùnastal 1901)
- ‘Dàn a’ Chlàrsair Dheireannach’ [eadar-theangachadh, Gàidhlig; dàn le Walter Scott], Leabhar I, Àireamh V (An Sultain 1901)
Stòrasan
- Calum Laing, An t-Urramach Iain MacRuairidh: A Bheatha agus na Sgrìobhaidhean aige (Inbhir Nis, 2013)