B’ e sgrìobhadair rosg, neach-naidheachd, agus eadar-theangadair a bh’ ann an Iain MacIlleBhàin (1842, Eilean Èisdeal – 1 An Lùnastal 1913, Inbhir Nis). Bha e a’ deasachadh An Gàidheal, iris a’ Chomuinn. B’ àbhaist dha a bhith a’ cleachdadh ‘Iain Bàn Òg’ (I. B. O.) agus ‘MacMharcuis’ mar ainmean-pinn. Bha e càirdeachd do dhithis eile a bha ’n sàs anns na h-irisean: Eanraig MacIlleBhàin (bràthair) agus Catrìona NicIlleBhàin Ghrannd (co-ogha).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Mar fhuair Mac an Fhoirbhich ’Ainm’ [còmhradh, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh I (An Cèitean 1902) – Leabhar II, Àireamh 3 (An t-Iuchar 1902)
- Walter Scott: ‘Lochinbhar’ [bàrdachd, Gàidhlig; eadar-theangachadh le ‘Mac-Mharcuis’], Àireamh 41 (14 An t-Samhain 1908)
- ‘Mac-Mharcuis’: ‘Fìor Dhilseachd’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 42 (21 An t-Samhain 1908)
Stòrasan
- ‘Iain Bàn Òg,’ DASG: Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (Oilthigh Ghlaschu)