
Thogadh Corneil Iain MacGhrioghair (24 An Gearran 1848, Sanndabhaig, Leòdhas – 13 Jan 1932, Kingston upon Thames) ann an Leòdhas. Bha e ’n sàs ann am feachd meadaigeach anns na h-Innseachan. Nochd na dàin agus na h-òrain aige anns a’ cho-chruinneachadh Luinneagan Luaineach (1897). Bha e ri bàrdachd sa Bheurla cuideachd, agus dh’fhoillsich e rannsachadh air briathrachas na Gàidhlig.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘An Siubhail Cruaidh’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 1 (An t-Earrach 1910)
- ‘Tog Orm a’ Phìob’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 3 (Am Foghar 1910)
Stòrasan
- Lachlann MacBheathain (deas.), ‘MacGregor, John’ The Celtic Who’s Who (The Fifeshire Advertiser, 1921)
- Derick Thomson, ‘MacGregor, John’, The Companion to Gaelic Scotland (Gairm, 1994)