Bha Iain Mac an Deòir (1802, Gleann na Callanach, An Tairbeart, Loch Laomainn– 13 An Dùbhlachd 1872, Dùn Breatann) na sgoilear agus neach-cruinneachaidh beul-aithris. B’ esan aon den luchd-cruinneachaidh a bha ’n sàs ann am Popular Tales of the West Highlands, air an toirt còmhla agus air an deasachadh le Iain Frangan Caimbeul.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Mogan Dearg Mac Iachair’ [sgeulachd le iomraidhean, Gàidhlig; tar-sgrìobhadh le Iain Mac an Deòir], Leabhar X, Àireamh 1 (An Geamhradh 1913)
- ‘An t-Uirsgeul aig na Righrean, Righ na h-Iuraibhinn agus Righ nan Ailp’ [sgeulachd le iomraidhean, Gàidhlig; tar-sgrìobhadh le Iain Mac an Deòir], Leabhar XIII, Àireamh 1 (An t-Earrach 1916)
Stòrasan
- Ronald Black & Christopher Dracup (deas.), John Dewar’s Islay, Jura and Colonsay (John Dewar Publishers, 2024)
- ‘Blar Traigh Ghruinneaird,’ DASG