Iain Mac an Aba

Bha Iain Mac an Aba (ro 1865 – as dèidh 1923, ro 1928) na mhaighstir-sgoile ann an Cille Mhoire, Tròndairnis, anns an Eilean Sgitheanach. Bha e a’ sgrìobhadh agus a’ foillseachadh òrain, bàrdachd, agus dealbhan-cluich. Mar a mhìnich Tòmas M. MacCalmain, bha Iain N. MacLeòid na sgoilear aig Mac an Aba.

Dh’fhoillsich Mac an Aba corra phìos ann an Guth na Bliadhna a tha uile a’ dèiligeadh ri cuspairean cràbhach.

Dh’fhoillsich ‘Iain Mac an Aba’ eadar-theangachadh bhon Bhìoball anns an Oban Times (3 An t-Òg-mhios 1899). Tha mi an comain an Dr. Sheila M. Kidd airson an iomraidh seo. Nochd an dàn ‘Leannan-sìth’ le ‘Iain Mac an Aba’ ann an Gàilig (An Deò-Gréine), Leabhar XVIII, Àireamh 6 (1923), d. 90.

Tha artaigil anns An Gàidheal (An Dùbhlachd 1928, d. 34) a’ toirt iomradh air ‘the late Mr John MacNab.’

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘Ùrnaigh agus na Salm’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 4 (Am Foghar 1904)
  • ‘Iobairt na h-Aifrinn’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 1 (An Geamhradh 1905)
  • ‘Foghlam Naomh anns a’ Ghàidhealtachd’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 2 (Spring 1905)
  • ‘I Choluim Chille’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar III, Àireamh 1 (An Geamhradh 1906)

Stòrasan

  • T. M. Murchison, ‘Iain N. MacLeòid (“Alasdair Mòr”),’ Gairm 11 (An t-Earrach 1955), d. 243.
  • Anne Loughran, ‘Non-traditional creative prose: D – M,’ Gaelic Literature of the Isle of Skye: An Annotated Bibliography (Sabhal Mòr Ostaig, 2018)