Iain Mac a’ Ghobhainn (Iarsiadair)

Dealbh a nochd anns An Deò-Gréine (Leabhar I, Àireamh 9, 1906), d. 145, mar phàirt den aiste le Iain N. MacLeòid.

Bha Iain Mac a’ Ghobhainn (1848, Iarsiadair, Ùig, Leòdhas – 1881) na bhàrd. Chaidh e a dh’Oilthigh Dhùn Èideann agus rinn e ceum ann an dotaireachd, ach cha do chuir e crìoch air agus thill e a Leòdhas, oir bha e a’ fulang leis a’ chaitheamh, agus chaochail e nuair a bha e 33 bliadhna a dh’aois.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

An Sgeulaiche

  • ‘Coinneach Odhar’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 3 (Am Foghar 1910)

Stòrasan