Iain Frangan Caimbeul

Dealbh-camara (1868) a nochd ann an ‘West Highland Tales’ (Leabhar XVII). Tùs: Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

B’ e neach-lagha, seirbheiseach catharra, neach-saidheans, dealbhadair, neach-siubhail, agus neach-cruinneachaidh beul-aithris a bh’ ann an Iain Frangan Caimbeul, ‘Iain Òg Ìle’ (29 An Dùbhlachd 1821, Ìle – 17 An Gearran 1885, Cannes). Thogadh e ann an Ìle, agus ’s ann leis an teaghlach aige a bha an eilean aig an àm. Dh’ionnsaich e Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd. Ann an 1860-1862, dh’fhoillsich e ceithir leabhraichean dà-chànanach, Popular Tales of the West Highlands, le beul-aithris a chruinnich e bho sheanchaidhean air cuairtean a rinn e air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘Fear a’ Bhratain Uaine’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar IX, Àireamh 4 (Am Foghar 1912). Chaidh an sgeulachd fhoillseachadh ann an Guth na Bliadhna gun urra; ach nochd i ann an  Leabhraichean nan Ceilidh 23 le nòta: ‘seann sgeul, le I. F. Caimbeul, Iain Òg Ìle.’
  • ‘Iain Òg, Mac Rìgh na Frainge’ [rosg, Gàidhlig; bho làimh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte le IFC], Leabhar XI, Àireamh 4 (An Geamhradh 1914)
  • “An Tuairisgeal Mòr” [rosg, Gàidhlig; dà thionndadh den aon sgeulachd, bho làimh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte le IFC], Leabhar XII, Àireamh 2 & 3 (An Samhradh & Am Foghar 1915)

An Sgeulaiche

  • ‘Clann an Rìgh fo Gheasaibh’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar III, Àireamh 1 (An t-Earrach 1911)

Stòrasan