
B’ e sagairt Ìosanach a bh’ ann an Gilleasbuig Caimbeul (12 An Giblean 1850, Baile a’ Chaolais – 13 An Giblean 1921, Glaschu). Bha ceanglaichean làidir aige ri Loch Abair. Dh’fhàg e Alba agus ghabh e a-steach dhan Chomann Ìosaid. Fhuair e foghlam ann an Tronchiennes, anns a’ Bheilg, agus an uair sin chaidh a chur gu Lunnainn, Stonyhurst, Liverpool, agus Cuimrigh a Tuath. Ann an 1884, chuir an Comann e gu Coille Challtainn ann an Glaschu, far an robh e ag obair fad a bheatha ann sgìre Naomh Eòsaph. Gach cola-deug, bha an t-Athair Caimbeul a’ searmonachadh sa Ghàidhlig aig Eaglais Naomh Brìde, Sràid Cheapside.
Bha na sgrìobhaidhean aige a’ nochdadh fon ainm ‘Gilleasbuig mac Dhòmhnuill ’ic Eoghain.’ Ann an 1907, rinn e misean fada anns na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba Nuadh, agus dh’fhoillsich e dà aithisg-siubhail mun turas seo ann an Guth na Bliadhna.
Mar a mhìnich Allan J. Gillis, sgrìobh an t-Athair Caimbeul aithisg mun turas seo ann am Mosgladh, iris Chaitligeach dà-chànanach, agus dh’fhoillsich The Casket, pàipear-naidheachd Caitligeach eile ann an Canada, artaigil eile air a’ chuspair. Bho àm gu àm, bha Ruaraidh Arascain a’ faighinn sgrìobhaidhean air iasad a dh’fhoillsich The Casket an toiseach, agus bha sgrìobhadairean eile às na coimhearsnachdan Gàidhlig, mar eisimpleir Dòmhnall M. MacEamonn.
Sgrìobhaidhean anns na h-irisean
- ‘Bithibh Faicilleach!’ [aiste, GD], Leabhar I, Àireamh 1 (Geamhradh 1904)
- ‘Dithis Bhràithrean’ [rosg, GD], Leabhar I, Àireamh 2 (Earrach 1904)
- ‘Fuadach an t-Shluaigh’ [aiste, GD], Leabhar I, Àireamh 3 (Samhradh 1904)
- ‘Seumas a’ Ghlinne’ [aiste, GD], Leabhar I, Àireamh 4 (Foghar 1904); nochd sin a-rithist anns An Sgeulaiche
- ‘Maighstir Ailean, Eiriscaidh’ [iomradh-bàis, GD], Volume II, Àireamh 4 (Foghar 1905)
- ‘Gleann Comhann’ [rosg, GD], III, Àireamh 2 (Earrach 1906); nochd sin a-rithist anns An Sgeulaiche
- ‘Lòchran an Anma’ [lèirmheas, GD], Leabhar III, Issue 4 (Autumn 1906)
- ‘Dùthaich na Saorsa’ [aithisg-siubhail, GD], Leabhar V, Issue 2 (Earrach 1908)
- ‘Dùthaich an Àigh’ [aithisg-siubhail, GD], Leabhar V, Issue 3 (Samhradh 1908)
- ‘Mod na Sacramaide’ [aithisg-siubhail, GD] (Foghar 1908)
- ‘Turus-crabhaidh do na h-Eileanan’ [aithisg-siubhail, GD] (Earrach 1910)
- ‘Cor Sluagh Chanada’ [aithisg, GD], Àireamh 17 (30 An Cèitean 1908), nochd sin ann Guth na Bliadhna an toiseach
Stòrasan
- J. G. Gibson, ‘Reverend Archibald Campbell’s Observations on Piping in Judique,’ Old and New World Highland Bagpiping (McGill-Queen’s University Press, 2002)
- Allan J. Gillis, ‘1907 – Rev. Archie Campbell,’ Cape Breton Genealogical and Historical Association (An Dàmhair 2005)
- ‘Father Archibald Campbell, SJ, St Joseph’s Church, Glasgow,’ The Celtic Monthly (An Giblean 1908)
- ‘Father Archibald Campbell,’ Letters and Notices 36 (1921) [gun urra]