B’ e ministear agus sgrìobhadair a bh’ ann an Geoffry Hill (6 An Dàmhair 1846, Alderbury, Wiltshire – 1 Am Faoilleach 1925). Fhuair e foghlam aig Sgoil-ghràmair Beaumaris anns a’ Chuimrigh. Airson greis, bha e ri teagaisg. An uair sin, fhuair e dreuchd mar mhinistear aig Eaglais Easbaigeach Naomh Iain ann an Dùn Èideann, agus na bu anmoiche mar bhiocar Harnham an Iar & an Ear. Dh’fhoillsich e iomadh leabhar, leithid Wiltshire Folk Songs and Carols (1890), English Dioceses (1900), The Aspirate, or the use of the letter ‘H’ in English, Latin, Greek and Gaelic (1902) and Some Consequences of the Norman Conquest (1904), agus Cerdic’s Landing Place (1911).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Some Unknown Celtic Words’ [aiste, Beurla], Leabhar XIII, Àireamh 4 (An Geamhradh 1916)
- ‘The Ebel’ [aiste, Beurla], Àireamh 87, Leabhar 40 (Am Foghar 1917)
Stòrasan
- Mike Yates, ‘The Reverend Geoffry Hill and his Wiltshire Folk Songs and Carols,’ The Magazine for Traditional Music throughout the world (14 Am Faoilleach 2011)