Bha François Jaffrennou (15 Am Màrt 1879, Carnoët – 23 Am Màrt 1956) a’ cleachadh ainm-pinn ‘Taldir ab Hernin.’ B’ e sgrìobhadair, deasaiche, agus bàrd a bh’ ann, agus bha e a’ brosnachadh neo-eisimeileachd na Breatainn Bhig agus iomairtean uile-Cheilteach. Bha e ’n sàs ann an irisean Breatnach, leithid Ar Vro, Ar Bobl, agus An Oaled. Dh’fhoillsich e ceithir leabhraichean bàrdachd, ann am Breatnais anns a’ mhòr-chuid. ‘S e laiodh nàiseanta na Breatainn Bhig a th’ ann ‘Bro Gozh ma Zadoù’, an tionndadh a rinn Jaffrennou den òran Cuimreach ‘Hen Wlad Fy Nhadau’ le James James agus Evan James.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Les Devoirs de Celtes’ [aiste, Fraingis], Leabhar I, Àireamh 3 (An t-Iuchar 1901)
- ‘The Congress of the Breton Regional Union’ [litir, Beurla], Leabhar I, Àireamh 4 (An Lùnastal 1901)
- ‘Guthan na h-Oidhche’, ‘An Calman’ [bàrdachd, Gàidhlig; eadar-theangachadh le Ealasaid NicGhilleMhìcheil], Leahbar I, Àireamh V (An t-Sultain 1901)
Stòrasan
- Rhys Jones, ‘François Jaffrennou (Taldir),’ Llyfrgell Genedlaethol Cymru | Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh (Am Faoilleach 2023)