Francis Lutzow

Dealbh le John Caswall Smith a nochd anns an iris ‘Světozor’ 51 (1897-98). Tùs: WikiCommons.

B’ e sgrìobhadair, neach-eachdraidh, agus neach-poilitigs a bh’ ann an Francis, Tighearna Lützow (Seicis: František  Lützow; 21 Am Màrt 1849, Hamburg – 13 Am Faoilleach 1916, Montreux). Rugadh e ann an teaghlach uasal. Fhuair e foghlam aig sgoil-ghràmair Chaitligeach aig Abaid Albannach (Schottenstift) ann an Vienna, agus fhuair e dreuchd san t-seirbheis dhioplòmasach. Bha e a’ brosnachadh ath-bheòthachadh nàiseantach na Seice agus neo-eisimeileachd na dùthcha a bha fhathast na pàirt den Ìmpireachd Ostaireach. Dh’fhoillsich e iomadh leabhar air eachdraidh agus cultar na Seice, cuid dhiubh ann am Beurla, agus b’ esan Tosgaire na Seice neo-oifigeil ann an saoghal na Beurla. Ann an 1905, fhuair e ceum urramach bho Oilthigh Oxford. Ann an 1912, rinn e sreath nan òraidean aig oilthighean anns na Stàitean Aonaichte. Sgrìobh Ruaraidh Arascain fhèin dà artaigil air eachdraidh agus cultar na Seice a nochd ann an Guth na Bliadhna.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘The Revival of the Czech or Bohemian Language’ [aiste, Beurla], Leabhar VIII, Àireamh 2 (An t-Earrach 1911)

Stòrasan