‘Faloisg’

Dh’fhoillsich sgrìobhadair air an robh an t-ainm-pinn ‘Faloisg’ (gun deitichean dearbhte) aiste air rosg Gàidhlig anns An Sgeulaiche. Tha an aiste a’ toirt iomradh air Fletcher of Saltoun, Walter Scott, agus sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Èireann, agus tha i a’ mìneachadh dè cho cudromach ’s a tha rosg airson na Gàidhlig agus airson na h-Alba mar nàisean. Chuir ‘Faloisg’ litir gu Guth na Bliadhna, le rannan bhon òran a dh’fhoillsich Calum MacPhàrlain, stèidhichte air tùsan Èireannach, agus sgeulachd shamhlachail mu Alba agus Èireann. Sgrìobh Michael Newton gur h-e ‘the most interesting example of the literary exploitation of prophecy I have yet found is a short allegory expressing a strong pan-Gaelic nationalism, which draws strongly upon the idiom and style of traditional folk-tale’ (2010: 155).

Guth na Bliadhna

  • ‘Òran na Comhachaig’ [litir, Gàidhlig], Leabhar V, Àireamh 4 (Am Foghar 1908)
  • ‘Dùthaich nan Gàidheal’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar VII, Àireamh 4 (Am Foghar 1910)

An Sgeulaiche

  • ‘An Sgeul Gàidhlig’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar III, Àireamh 2 (An Samhradh 1911)

Alba

  • ‘Uigheam Bacaidh nan Tighearnan-Fearainn’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 43 (28 An t-Samhain 1908)

Stòrasan

  • Michael Newton, ‘Prophecy and Cultural Conflict in Gaelic Tradition,’ Scottish Studies 35 (2010), DOI 10.2218/ss.v35.2693