
B’ e lighiche a bh’ ann an Eòghan Camashron MacGillÌosa (1856, Suaineart – 1925). Rinn e ceum aig Oilthigh Ghlaschu. Ann an 1895–1900, b’ e òraidiche Gàidhlig a bh’ ann aig Colaiste an Rìgh, Lunnainn. Dheasaich e iomadh leabhar do luchd-ionnsachaidh is do sgoiltean, leithid Gaelic Texts for Schools, The Elements of Gaelic Grammar, agus A Class Book of the Gaelic Language. Ann an 1880, dh’fhoillsich e eagran ùr de bhàrdachd le Iain MacLachlainn (An Lighiche Ruadh). Thàinig na h-ùidhean aige còmhla ann an rannsachadh air làmh-sgrìobhainnean meadaigeach sa Ghàidhlig bhon 16mh agus 17mh linn agus anns an an tràchdas air ‘The Gaelic Names of Disease and Diseased States’. A bharrachd, dh’fhoillsich e leabhar air ainmean-àite Earra Ghàidheal: The Place Names of Argyll (1906).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘The Gaelic Measure of Man’ [aiste, Beurla], Leabhar I, Àireamh 2 (Òg-mhios 1901)
- ‘Na Speuran – aig an Àm’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar VIII, Àireamh 4 (Foghar 1911)
- ‘Na Speuran – mu’n Bhliadhn’ Ùir’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar IX, Àireamh 1 (Geamhradh 1912)
- ‘Na Speuran – aig an Àm’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar IX, Àireamh 3 (Samhradh 1912)
- ‘Na Speuran Againn Fhèin’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar X, Àireamh 1 (Samhradh 1913)
- ‘The Scottish Gaelic Academy’ [aithisg bhon choinneamh air 28 an t-Òg-mhios 1913; Beurla], Leabhar X, Àireamh 3 (Samhradh 1913)
- ‘Àrd-Chomhairle na Gàidhlig’ [aithisg, Gàidhlig], Leabhar XI, Àireamh 1 (Earrach 1914)
Stòrasan
- ‘Gillies, Hugh Cameron,’ Victorian Lives, Colaiste an Rìgh, Lunnainn
- H. Cameron Gillies, ‘The Gaelic Concepts of Life and Death’ [aiste stèidhichte air òraid aig Comann Gàidhealach Dhùn Dè, 20 Am Faoilleach 1913], ri fhaighinn tro Electric Scotland