B’ e eòlaiche-fiosaig, innleachdair, agus iomairtiche Ceilteach a bh’ ann an Edmund Edward Fournier d’Albe (25 An Dàmhair 1868, Lunnainn – 29 An t-Òg-mhios 1933). Fhuair e foghlam ann an Düsseldorf agus Lunnainn. Nuair a dh’imrich e a dh’Èirinn, bha e ag ionnsachaidh Gàidhlig na h-Èireann agus a’ cruinneachadh beul-aithris. Bha e ’n sàs ann an iomairtean pan-Cheilteach, bha e na rùnaire aig a’ Chomann Ceilteach agus na dheasaiche aig iris a’ chomainn, Celtia, agus chuir e air dòigh còmhdhailean pan-Cheilteach ann am Baile Àtha Cliath (1901), Carnarvon (1904), agus Dùn Èideann (1907).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘The Pan-Celtic Congress and the Gaelic League’ [litir, Beurla], Leabhar I, Àireamh V (An Sultain 1901)
Stòrasan
- Linde Lunney, ‘Fournier d’Albe, Edmund Edward,’ Dictionary of Irish Biography (An Dàmhair 2009)