Eanraig MacIlleBhàin

Dealbh-camara a nochd ann an ‘The Celtic Garland’ (Glaschu: MacLabhrainn, 1920; 3mh eagran).

‘S ann à Earra-Ghàidheal a bha Eanraig MacIlleBhàin (1852, Eilean Èisdeal – 28 An Dùbhlachd 1913). Ghluais e a Ghlaschu na dhuine òg agus chuir e seachad an còrr dhe bheatha sa bhaile. B’ e sgrìobhadair, neach-naidheachd, deasaiche agus eadar-theangadair drìpeil a bh’ ann, ag obair eadar Gàidhlig agus Beurla. Bha e ’n sàs ann an Strì an Fhearann. Bha na h-aistean agus sgeulachdan aige a’ nochdadh gu tric anns na h-irisean aig Ruaraidh Arascain. Chaidh dà phìos air beatha agus obair MhicIlleBhàin fhoilleachadh ann an Guth na Bliadhna: fear le Aonghas MacDhonnchaidh (An Geamhradh 1913) agus iomradh-bàis leis an neach-deasachaidh (An t-Earrach 1914). Bha Eanraig MacIlleBhàin càirdeachd do dhithis eile a bha ’n sàs anns na h-irisean: Iain MacIlleBhàin agus Catrìona NicIlleBhàin Ghrannd.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘An t-Ollamh Mac Bheathainn nach Maireann’ [iomradh-bàis & dàn, Gàidhlig], Leabhar IV, Àireamh 2 (An t-Earrach 1907)
  • ‘Some Gaelic Songs: Their Origin and History’ [litir, Beurla], Leabhar IV, Àireamh 2 (An t-Earrach 1907)
  • ‘Mar a Dh’èirich Cuid de na Sean-fhocail [I]’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar IV, Àireamh 3 (An Samhradh 1907)
  •  ‘Mar a Dh’èirich Cuid de na Sean-fhocail [II]’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar IV, Àireamh 4 (Am Foghar 1907)
  • ‘Guth na Bliadhna (The Voice of the Year): Being Notes on the Gaelic Calendar’ [aiste, Beurla], Leabhar V, Àireamh 2 (An t-Earrach 1908)
  • ‘Guth na Bliadhna (The Voice of the Year): Being Notes on the Gaelic Calendar II’ [aiste, Beurla], Leabhar V, Àireamh 3 (An Samhradh 1908)

Alba I

  • ‘Mar a Dh’èirich Cuid de na Sean-Fhocail’ [aiste, Gàidhlig], Àireamh 14 (9 An Cèitean 1908)
  • ‘Taigh Lachainn Fhaoin’ [rosg, Gàidhlig], Àireamh 23 (11 An t-Iuchar 1908)
  • ‘Taigh Lachhainn Fhaoin’ [rosg, Gàidhlig], Àireamh 24 (18 An t-Iuchar 1908)
  • ‘Seumas Cùbair’ [còmhradh, Gàidhlig], Àireamh 26 (1 An Lùnastal 1908)
  • ‘Dòmhnull nam Prat’ [rosg, Gàidhlig], Àireamh 29 (22 An Lùnastal 1908)
  • ‘Dòmhnull-nam-Prat air a’ Challdachd’ [rosg, Gàidhlig], Àireamh 32 (12 An t-Sultain 1908)
  • ‘Oighreachd nan Gàidheal’ [òraid, Gàidhlig], Àireamh 34 (26 An t-Sultain 1908)
  • ‘Para na h-Eaglais ’s na Banntraichean [I]’, Àireamh 35 (3 An Dàmhair 1908)
  • ‘Para na h-Eaglais ’s na Banntraichean [II]’, Àireamh 36 (10 An Dàmhair 1908)
  • ‘Para na h-Eaglais ’s na Banntraichean [III]’, Àireamh 37 (17 An Dàmhair 1908)
  • ‘Ruairidh Beag Shabhairidh’ [òran le iomraidhean, Gàidhlig], Àireamh 49 (9 Am Faoilleach 1909)

An Sgeulaiche

  • ‘An Gaidsear Ruadh ’s Am Buidheal’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 1 (An t-Sultain 1909)
  • ‘Sgeulachd Choinnich Oig’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 4 (An Dùbhlachd 1909)
  • ‘Rìgh Soirbheas’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Issue 3 (Am Foghar 1910)
  • ‘Mar a Dh’èirich Cuid de na Sean-fhocail’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar III, Àireamh 2 (An Samhradh 1911)

Stòrasan