
B’ e deasaiche agus eòlaiche litreachas agus cultar na Gàidhlig a bh’ ann an Ealasaid (‘Ella’) NicGhilleMhìcheil NicBhatair (9 An Lùnastal 1870, Lios Mòr – 30 An t-Samhain 1928, Dùn Èideann). Bha i ’n sàs ann an Aonadh Ceilteach agus ann an Comann Ceilteach nam Ban-Oileanach. Eadar 1904 is 1916, bha i a’ deasachadh Celtic Review (iris rannsachaidh). B’ ise nighean Alasdair MhicGilleMhìcheil (1832–1912), agus thog i taic dha nuair a bha e a’ deasachadh Carmina Gadelica. Phòs i Uilleam Iain MacBhatair (William John Watson, 1865–1948), àrd-ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus fhuair am mac aca, Seumas MacGilleMhìcheil MacBhatair (James Carmichael Watson, 1910–1942) an dearbh dreuchd.
Ged a tha na tùs-litrichean ‘E. C. Carmichael’ a cheart cho freagarrach do Eoghan Coinneach MacGilleMhìcheil (Eoghan Kenneth Carmichael), bràthair Ealasaid a bha fhèin ’n sàs ann an gnothaichean Gàidhlig aig an àm, tha Ruaraidh Arascain ag ràdh gu follaiseach gur h-ann le ‘Miss Carmichael’ a tha an aiste ‘Fèis Connacht’. Nuair a nochd bàrdachd le Jaffrennou anns an duanaire Les Poèmes de Taldir (Paris, 1903), còmhla ris an dà thionndadh a nochd anns A’ Bhàrd roimhe seo, tha iomradh ann air ‘Ella C. Carmichael’ mar an t-eadar-theangadair.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Fèis Connacht’ [artaigil, Beurla], Leabhar I, Àireamh 4 (An Lùnastal 1901)
- ‘Eadar-theangachadh’: ‘Guthan na h-Oidhche’, ‘An Calman’ [bàrdachd, Gàidhlig; tionndaidhean de dhàin le François Jaffrennou], Leabhar I, Àireamh 5 (An t-Sultain 1901)
- ‘A Breton Village’ [article, ENG], Leabhar II, Àireamh 1 (An Cèitean 1902). Nochd an aiste seo ann an Celtic Review VII (1911-12).
Stòrasan
- ‘Portrait of Ella Carmichael,’ The Carmichael Watson Project (13 Am Màrt 2011)