Eachann MacDhùghaill

Dealbh a nochd ann an ‘The Celtic Annual’ (1912), d. 33.

B’ e bàrd, sgrìobhadair rosg is dràma, agus neach-deasachaidh a bh’ ann an Eachann MacDhùghaill (28 Am Màrt 1880, Eilean Chola – 27 Am Màrt 1954). Ghabh e sa phoileas ann an Glaschu agus chaidh a thogadh gu inbhe ‘Inspector’. Choisinn e an Crùn aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis (1936) leis an dàn ‘An Càrn.’ Bha ùidh aige ann an dràma, agus sgrìobh e corra dhealbh-cluich, leithid An Gaol a Bheir Buaidh (1912), Coir Samhna air Leannan (1912), agus Mar Dh’aisigeadh Dhi a’ Ghàidhlig. Bha an colbh-beachd aige, ‘Litir Eachainn,’ a’ nochdadh anns An Gàidheal. Bha e a’ sgrìobhadh colbh air cuspairean Gàidhealach airson Weekly Scotsman, air an robh ‘Highland Echoes,’ gu ruige 1953.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘An Ceilteach agus an Sacsonnach an Albainn’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar IX, Àireamh 3 (An Samhradh 1912)
  • ‘Somhairle Mòr Mac Ghille-Bhride’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar X, Àireamh 2 (An t-Earrach 1913)
  • ‘A’ Bhraisd Lathurnach’, Leabhar IX, Àireamh 2 (An Samhradh 1914)
  • ‘Cath Gharbhaich’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XII, Àireamh 2 (An Samhradh 1915)
  • ‘Gillean na Sgorra’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar XIV, Àireamh 2 (An Samhradh 1917)
  • ‘Ar Dleas don Ghàidhlig’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XVI, Àireamh 2 (An Samhradh 1919)
  • ‘Na Connallaich’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar XVII, Àireamh 4 (An Geamhradh 1920)
  • ‘Deagh-Litreachas: Eas Mòr na Glomain’ [rosg, Gàidhlig; sreath ‘Deagh-Litreachas’], Leabhar XVIII, Àireamh 2 (An Samhradh 1921)
  • ‘Am Mòd’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar XVIII, Àireamh 4 (An Geamhradh 1921)
  • ‘Ainnir a’ Cheò’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XIX, Àireamh 1 (An Geamhradh 1923)
  • ‘Tobar Nighean an Rìgh’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar XIX, Àireamh 1 (An Geamhradh 1923)
  • ‘Nemo me impune Lacessit’ [artaigil, Gàidhlig], Leabhar XIX, Àireamh 3 (An Samhradh 1924)
  • ‘Am Prionnsa is am Fàinne’ [rosg, Gàidhlig; stèidhichte air Louis Couperus], Leabhar XIX, Àireamh 4 (Am Foghar 1924)
  • ‘Am Fiosaiche Finneach’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar XX, Àireamh 1 (An Geamhradh 1924)
  • ‘Fàilte is Furan’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XX, Àireamh 1 (An Geamhradh 1924)
  • ‘An Tionach agus na Mèirlich’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar XX, Àireamh 2 (An t-Earrach 1925)

An Sgeulaiche

  • ‘An Gaol gun Mheirg’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 5 (Am Faoilleach 1910)
  • ‘Naidheachd na Sgeire Glaise’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 1 (An t-Earrach 1910)
  • ‘Dìoghaltas gun Diù’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 4 (An Geamhradh 1910)
  • ‘Am Bodha Gorm’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar III, Àireamh 2 (An Samhradh 1911)

An Ròsarnach

  • ‘Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Èirinn’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar II (1918)
  • ‘Mac Bheatha is Crùn Albann’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar III (1921)
  • ‘Sgeul Neònach’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar IV (1930)

Alba II

  • ‘Rann Fàilteachaidh’ [bàrdachd, Gàidhlig], Àireamh I (3 Am Faoilleach 1920)
  • ‘Comunn Ùr Thobar-Mhoire’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 9 (29 An Gearran 1920)
  • ‘Cunntas anns a’ Ghàidhlig’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 10 (6 Am Màrt 1920)
  • ‘Co-Bhanntachd eadar Cat is Cù’ [litir & bàrdachd, Gàidhlig], Àireamh 14 (3 An Giblean 920)
  • ‘An do Dh’fhalbh na Bàird?’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 17 (10 An t-Iuchar 1920)
  • ‘Aobhar is Buil’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 23 (An Cèitean 1921)
  • ‘Ro-sgeul an Eich Uidheir’ [rosg, Gàidhlig], Àireamh 27 (An t-Sultain 1921)
  • ‘Loch Fuath-bhlàth’ [rosg, Gàidhlig], Àireamh 28 (An Dàmhair 1921)
  • ‘Loch Fuath-bhlàth’ [rosg, Gàidhlig], Àireamh 29 (An t-Samhain 1921)
  • ‘Cat a’ mhì-àigh’ [rosg, Gàidhlig], Àireamh 30 (An Dùbhlachd 1921)

The Pictish Review

  • ‘Tionndadh na h-Uarach’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 4, Leabhar I (An Gearran 1928)

Stòrasan

  • Lachlann MacFhionghuin (deas.), ‘Eachann MacDhùghaill,’ Bàird a’ Chomuinn (1953)
  • T. M. MacCalmain, ‘Eachann MacDhùghaill,’ Gairm 8 (1954)