
B’ e ollamh, neach-poileataigs, agus iomairtiche a bh’ ann an Dubhghlas de hÍde (17 Am Faoilleach 1860, An Caisleán Riabhach – 12 An t-Iuchar 1949, Baile Átha Cliath). Bha e ’n sàs ann an Connradh na Gaeilge, agus b’ esan a’ chiad cheann-suidhe na h-Èireann. Dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-Èireann ann an Ros Comain bho mhuinntir an àite, agus bha e a’ cruinneachadh beul-aithris na sgìre. Anns na h-irisean aig Ruaraidh Arascain, bha na sgrìobhaidhean aige a’ nochdadh fon ainm-pinn ‘An Craoibhín Aoibhinn.’ Tha Ruaraidh Arascain a’ toirt iomradh air Dubhghlas de hÍde agus a bheachdan ann an iomadh pìos ann an Guth na Bliadhna, leithid ‘The Gaelic Movement and the “Anglo-Celtic School”’ (An Geamhradh 1912).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘A Connaght Love-Song’ (Da mbeith ‘aitreabh agam fein) [òran, Gàidhlig na h-Èireann; eadar-theangachadh gu Beurla], Leabhar I, Àireamh 1 (An Geamhradh 1904)
- ‘Mallachd’ [beul-aithris, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar I, Àireamh 2 (An t-Earrach 1904)
- ‘Dàin Naomha Eireannaich’ [bàrdachd, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar II, Àireamh 2 (An t-Earrach 1905)
- ‘Comhairle an Athar Ceannt‘ [aiste, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar VIII, Issue 1 (An Geamhradh 1911)
- ‘A Mhuire nan Gras’ (do sgriobh sios o bheal buacalla in Arainn) [beul-aithris, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar XIII, Àireamh 3 (Am Foghar 1916)
Stòrasan
- Patrick Maume, ‘Hyde, Douglas (de hÍde, Dubhghlas),’ Dictionary of Irish Biography (An Dàmhair 2009)
- Diarmuid Breathnach & Máire Ní Mhurchú, ‘DE HÍDE, Dubhghlas (1860–1949),’ Ainm.ie