Donnchadh MacMhathain

Dealbh-camara a nochd anns ‘An Deò-Ghrèine’ (Leabhar V, Àireamh 5, 1910), d. 69.

Fhuair Donnchadh MacMhathain (1 an Lùnastal 1850, Dùn Èideann – 30 an Lùnastal 1930, Lunnainn) Leòdhas mar dhìleab san teaghlach, agus ’s ann leis-san a bha an t-eilean eadar 1901 agus 1917, nuair a chaidh a reic. Bha e a’ fuireach ann an Caisteal Leòdhais. Dh’ionnsaich e Gàidhlig, bha e ’n sàs anns a’ Chomunn Ghàidhealach, agus bha e a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig. Nochd na sgrìobhaidhean aige, Gàidhlig agus Beurla, ann an iris a’ Chomuinn, An Deò-Ghrèine. Dh’eadar-theangaich e ‘St Agnes Eve’ le Tennyson gu Gàidhlig. 

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Alba

  • Donnchadh MacMhathain, Caisteal Leòdhais: ‘“I” agus “Innis”’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 45 (12 An Dùbhlachd 1908)